Cur-Seachadan Leantainneach
1 Dhe na ceudan de chilomeatairean de fhrith-rathaidean anns an Eilean Sgitheanach is Loch Aillse, chaidh a dhearbhadh ann an rannsachadh tràth anns na naochadan gun robh mu 80 km feumach air càradh. Bhon a shoirbhich tagradh airson airgead dualchais a' Chrannchuir Naiseanta, bidh e comasach do Iomairt Frith-rathaid an Eilein is Loch Aillse 10 proiseactan fa leth a chur air dòigh anns a' Chuilthionn agus ann an Ceann t-Sàile. Bidh mu 13 cilomeatar air an càradh anns na proiseactan ud agus bidh sin a' ciallachadh gum bi 44 cilomeatar air a chàradh uile gu lèir.
2 Thèid an obair a dhèanamh thairis air trì bliadhna, gach proiseact air a chur a-mach do luchd-obrach frith-rathaidean a tha stèidhichte an iar thuath na h-Alba, a' toirt chothroman cosnaidh feumail don sgìre.
Feumaidh na frith-rathaidean a bhith air an cumail an òrdugh an dèidh làimhe agus tha clàr-obrach mionaideach air a chur air dòigh gach bliadhna dha na frith-rathaidean a chaidh a leasachadh.
3 Tha e gu math cudromach fios a bhith againn air na h-àireamhan a bhios a' cleachdadh nam prìomh rathaidean shuas, agus le brataichean-cunntais, tha sinn an dùil fios a bhith againn air àireamhan dhaoine a bhios a' cleachdadh nam prìomh rathaidean shuas air fad anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.