Toiseach Tòisichidh

Tha Sgìre an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse gu math tarraingeach do luchd-tadhail à diofar àiteachain air feadh an t-saoghail. Gheibh luchd-tadhail, an ìre mhath, saor-chomas bhith a' tadhal air cuid de na seallaidhean as bòidhche anns an Roinn Eòrpa agus beathaichean fiadhaich nach eil pailt ann an Alba fhaicinn anns na dachaigean nàdurra aca fhèin.
Ach, mura tèid smachd a chumail air mar a bhios na h-àiteachan ud air an cleachdadh, chan eil fhios dè a' bhuaidh a dh' fhaodadh a bhith air na seallaidhean sònraichte agus dulachas nàduir an àite.
Chaidh Iomairt Frith-rathaid an Eilein is Loch Aillse a stèidheachadh ann an 1992 airson frith- rathaidean a chàradh agus milleadh talmhainn a sheachnadh anns an sgìre. Tha am proiseact air a ruith an cò-bhann ri Dulachas Nàduir na h-Alba, Iomairt an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse is Comhairle na Gàidhealtachd.
'S e amas na h-Iomairte, anns an ùine ri teachd, leasachaidhean a dhèanamh air sgìrean brèagha a chaidh a mhilleadh gu dona tro dhaoine a bhith a' siubhal orra agus an uairsin na frith-rathaidean a chumail an òrdugh do ghinealaich eile.